Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha cridheachan fir Israeil an dèidh Absaloim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus air an dòigh seo rinn Absalom ri Israel uile a thàinig a‑chum breitheanais a dh’ionnsaigh an rìgh: agus ghoid Absalom cridheachan daoine Israeil.

Agus thug an sluagh uile fa‑near e, agus bha e taitneach nan sùilean, mar a bha gach nì a rinn an rìgh taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile:

A Thighearna, nach lìonmhor a dh’fhàs mo naimhdean? Is iomadh iad a tha ag èirigh am aghaidh.

Gu cinnteach tha clann Adhaimh nan dìomhanas, clann an duine nam brèig; air meidh ma chuirear iad, is aotroime iad gu lèir na dìomhanas.

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!

Thubhairt Pilat riu, Ciod mas eadh a nì mi ri Iosa, den goirear Crìosd? Thubhairt iad ris uile, Ceusar e.

Agus labhair bràithrean a mhàthar uime ann an cluasan maithean Shecheim uile na briathran sin uile: agus dh’aom an cridheachan an dèidh Abimeleich; oir thubhairt iad, Is e ar bràthair e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan