Agus maille ri Absalom chaidh dà cheud fear a‑mach à Ierusalem, a ghairmeadh, agus dh’imich iad ann an treibhdhireas an cridhe, agus cha robh fhios nì sam bith aca.
Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo.
Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.
An do thòisich mi air an là sin air Dia fhiosrachadh air a shon? Guma fada sin uam: na cuireadh an rìgh nì sam bith as leth a sheirbhisich, no as leth taigh m’athar uile; oir cha robh fhios aig do sheirbhiseach air nì sam bith dheth seo uile, beag no mòr.
Nuair a thèid sibh a‑steach don bhaile, air ball gheibh sibh e, mun tèid e suas don ionad àrd a dh’ithe: oir chan ith an sluagh gus an tig e, a chionn gum beannaich e an ìobairt, agus an dèidh sin ithidh iadsan a chuireadh. A‑nis uime sin rachaibh suas, oir mun àm seo gheibh sibh e.