Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chuir Absalom luchd-bratha air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Cho luath is a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin their sibh, Tha Absalom na rìgh ann an Hebron.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.

Uime sin thubhairt e ra sheirbhisich, Faicibh achadh Ioaib làimh rim achadh-sa, agus eòrna aige an sin; rachaibh, agus cuiribh ri theine e. Agus chuir seirbhisich Absaloim an t‑achadh ri theine.

Agus thubhairt an rìgh ris, Imich ann an sìth. Agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Hebron.

Agus fhuair Absalom, a dh’ung sinn os ar cionn, bàs anns a’ chath: a‑nis matà carson a tha sibh tosdach mun rìgh a thoirt air ais?

Agus na dhèidh seo dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas gu aon de bhailtean Iùdah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, Càit an tèid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron.

Agus b’e àireamh nan làithean a bha Daibhidh na rìgh ann an Hebron air taigh Iùdah, seachd bliadhna agus sia mìosan.

Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah.

Uime sin labhair Nàtan ri Batsèba màthair Sholaimh, ag ràdh, Nach cuala tu gu bheil Adoniah mac Hagit a’ rìoghachadh, agus chan eil fhios aig ar tighearna Daibhidh air?

Agus ungadh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, an sin e na rìgh air Israel: agus sèidibh-se an trompaid, agus abraibh, Guma fada beò rìgh Solamh.

An sin rinn iad cabhag, agus ghabh iad gach fear dhiubh a fhallaing, agus chuir iad gach aon foidhe i air mullach na staidhreach, agus shèid iad le trompaid, agus thubhairt iad, Is e Iehu an rìgh.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil.

Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:

Na fir-chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan