Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh seo dh’ullaich Absalom dha fhèin carbadan, agus eich, agus lethcheud fear gu ruith roimhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo:

Agus thubhairt an rìgh riu, Thugaibh leibh seirbhisich ur tighearna, agus thugaibh air Solamh mo mhac marcachd air mo mhuileid fhèin, agus thugaibh sìos e gu Gihon;

An sin dh’àrdaich Adoniah mac Hagit e fhèin, ag ràdh, Rìoghaichidh mise: agus dh’ullaich e dha fhèin carbadan, agus marc-shluagh, agus lethcheud fear a ruith roimhe.

Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia.

Nuair a thig uabhar, thig masladh; ach aig na h‑iriosail tha gliocas.

Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.

Gràdhaichidh esan peacadh, a ghràdhaicheas aimhreit: an tì a dh’àrdaicheas a dhoras, iarraidh e sgrios.

Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin.

Agus thubhairt e, Seo mar a bhios lagh an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn: Gabhaidh e ur mic, agus òrdaichidh e dha fhèin iad a‑chum a charbad, agus gu bhith nam marcaichean aige, agus gu ruith ro a charbadan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan