Agus thubhairt a’ bhean o Thecòah ris an rìgh, Ormsa, a thighearna, a rìgh, biodh am peacadh, agus air taigh m’athar; agus biodh an rìgh agus a rìgh-chathair neo-chiontach.
Bidh mise am urras air a shon; om làimh-sa iarraidh tu e: mura toir mise ad ionnsaigh, agus mura cuir mi ad làthair e, an sin biodh a’ choire gu bràth orm:
Tillidh uime sin am fuil-san air ceann Ioaib, agus air ceann a shliochd gu bràth: ach aig Daibhidh, agus aig a shliochd, agus aig a thaigh, agus aig a rìgh-chathair, bidh sìth gu bràth on Tighearna.
Mar sin cha truaill sibh am fearann anns a bheil sibh; oir truaillidh fuil am fearann, agus chan eil e an comas am fearann a ghlanadh den fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an tì a dhòirt i.
Agus thuit i aig a chasan, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, biodh an cionta seo, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad èisdeachd, agus cluinn briathran do bhanoglaich.