Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, dh’èirich an teaghlach uile an aghaidh do bhanoglaich, agus thubhairt iad, Thoir seachad esan a bhuail a bhràthair, a‑chum gum marbh sinn e airson anam a bhràthar a mharbh e, agus gum marbh sinn an t‑oighre mar an ceudna: agus mar sin mùchaidh iad m’èibhleag a dh’fhàgadh, air chor is nach fàg iad aig m’fhear aon chuid ainm no iarmad air aghaidh na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Gus an tionndaidh corraich do bhràthar uat, agus gun dìochuimhnich e na rinn thu air: an sin cuiridh mise fios, agus bheir mi as a sin thu. Carson a chaillinn le chèile sibh ann an aon là?

Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis-sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear-fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi, gum marbh e mi.

Agus thàinig seanairean a thaighe da ionnsaigh, ga thogail suas on talamh: ach cha b’àill leis, cha mhò a dh’ith e aran maille riu.

Agus bha aig do bhanoglaich dithis mhac, agus chaidh iad a‑mach air a chèile anns an achadh, agus cha robh neach ann a chuireadh eatorra: agus bhuail fear dhiubh am fear eile, agus mharbh e e.

Agus thubhairt an rìgh ris a’ mhnaoi, Imich a dh’ionnsaigh do thaighe, agus bheir mise àithne mud thimcheall.

Marbhaidh dìoghaltair na fala e fhèin am mortair: nuair a choinnicheas e e, marbhaidh e e.

Ach nuair a chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad eatorra fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus glacamaid a oighreachd-san dhuinn fhèin.

Agus èiridh an ciad-ghin mic a bheireas i suas ann an ainm a bhràthar a tha marbh, a‑chum nach dubhar a‑mach a ainm à Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan