Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aig do bhanoglaich dithis mhac, agus chaidh iad a‑mach air a chèile anns an achadh, agus cha robh neach ann a chuireadh eatorra: agus bhuail fear dhiubh am fear eile, agus mharbh e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus labhair Càin ri Abel a bhràthair: agus nuair a bha iad anns a’ mhachair, dh’èirich Càin suas an aghaidh Abeil a bhràthair, agus mharbh e e.

A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.

Agus rinn òglaich Absaloim ri Amnon mar a dh’àithn Absalom: an sin dh’èirich mic an rìgh uile, agus chaidh gach fear dhiubh air a mhuileid, agus theich iad.

Agus thubhairt an rìgh rithe, Ciod a tha a’ tighinn riut? Agus fhreagair ise, Gu deimhinn is bantrach mi; oir fhuair m’fhear bàs.

Agus, feuch, dh’èirich an teaghlach uile an aghaidh do bhanoglaich, agus thubhairt iad, Thoir seachad esan a bhuail a bhràthair, a‑chum gum marbh sinn e airson anam a bhràthar a mharbh e, agus gum marbh sinn an t‑oighre mar an ceudna: agus mar sin mùchaidh iad m’èibhleag a dh’fhàgadh, air chor is nach fàg iad aig m’fhear aon chuid ainm no iarmad air aghaidh na talmhainn.

Agus nuair a chaidh e a‑mach an dara là, feuch, bha dithis de na h‑Eabhraidhich a’ strì ri chèile; agus thubhairt e ris-san a rinn an eucoir, Carson a bhuaileas tu do choimhearsnach?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan