Agus chuala Dia guth an òganaich; agus ghairm aingeal Dhè air Hàgar o nèamh agus thubhairt e rithe, Ciod a tha a’ teachd riut, a Hàgar? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far a bheil e.
Agus thàinig a’ bhean o Thecòah a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thuit i air a h‑aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd, agus thubhairt i, Cobhair orm, a rìgh!
Agus bha aig do bhanoglaich dithis mhac, agus chaidh iad a‑mach air a chèile anns an achadh, agus cha robh neach ann a chuireadh eatorra: agus bhuail fear dhiubh am fear eile, agus mharbh e e.