Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig a’ bhean o Thecòah a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thuit i air a h‑aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd, agus thubhairt i, Cobhair orm, a rìgh!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a’ champ o Shaul, agus a aodach reubte, agus ùir air a cheann: agus nuair a thàinig e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd.

Agus thuit Ioab air a aghaidh gu làr, agus chrom e e fhèin, agus bheannaich e don rìgh: agus thubhairt Ioab, An‑diugh tha fhios aig do sheirbhiseach gun d’fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, mo thighearna, a rìgh; oir rinn an rìgh iarrtas a sheirbhisich.

Agus thubhairt an rìgh rithe, Ciod a tha a’ tighinn riut? Agus fhreagair ise, Gu deimhinn is bantrach mi; oir fhuair m’fhear bàs.

Agus ghlaodh Ahimaas, agus thubhairt e ris an rìgh, Tha gach nì gu math. Agus chrom e e fhèin sìos don rìgh air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a thug thairis na daoine a thog an làmhan suas an aghaidh mo thighearna, an rìgh.

Agus cho luath is a dh’fhalbh an t‑òganach, dh’èirich Daibhidh à àite mu dheas, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus chrom e e fhèin trì uairean: agus phòg iad a chèile, agus ghuil iad le chèile; ach ghuil Daibhidh na bu mhò.

Agus nuair a chunnaic Abigail Daibhidh, rinn i cabhag agus theirinn i bhàrr na h‑asail, agus thuit i sìos air a h‑aghaidh am fianais Dhaibhidh, agus chrom i i fhèin gu làr,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan