Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Absalom Ioab, Feuch, chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, Thig an seo, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh an rìgh, a ràdh, Carson a thàinig mi o Ghesur? Bu mhath dhòmhsa gum bithinn fhathast an sin: a‑nis matà faiceam gnùis an rìgh; agus ma tha eu‑ceart sam bith annam, thugadh e fa‑near mo mharbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhith maille rium, thug ise dhomh den chraoibh, agus dh’ith mi.

Ach theich Absalom, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Thalmai, mac Amihuid, rìgh Ghesuir: agus chuala Daibhidh sin, agus rinn e caoidh airson a mhic gach aon là.

An sin dh’èirich Ioab, agus thàinig e a dh’ionnsaigh Absaloim da thaigh, agus thubhairt e ris, Carson a chuir do sheirbhisich m’achadh ri theine?

Agus a dhara mac Chiliab, ri Abigail bean Nàbail, an Carmeleach: agus an treas mac Absalom, mac Mhaacah, nighean Thalmai, rìgh Ghesuir:

Oir nì e bàigh ris fhèin na shùilean fhèin, gus am faighear a‑mach a chionta mar adhbhar fuatha.

Nach e seo am facal a labhair sinn riut anns an Eiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich? Oir b’fheàrr dhuinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich na bàs fhaghail anns an fhàsach.

Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras.

Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Eiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart?

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha robh iad nàireach air aon chor, cha mhò a ghabh an gruaidh rudhadh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc tilgear sìos iad, deir an Tighearna.

An sin freagraidh iadsan mar an ceudna e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinne thu acrach, no tartmhor, no ad choigreach, no lomnochd, no easlan, no am prìosan, agus nach do fhritheil sinn dhut?

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.

Agus thàinig Samuel gu Saul; agus thubhairt Saul ris, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna; choilean mise àithne an Tighearna.

Uime sin buinidh tu gu coibhneil rid sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coicheangal an Tighearna a dhèanamh riut: gidheadh, ma tha olc annamsa, marbh fhèin mi; oir carson a bheireadh tu mi a dh’ionnsaigh d’athar?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan