Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè, agus thaitinn mi riut.
Agus thubhairt an rìgh, Tilleadh e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus na faiceadh e mo ghnùis-sa. Agus thill Absalom a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus chan fhaca e gnùis an rìgh.
Uime sin chuir Absalom fios air Ioab, a‑chum a chur a dh’ionnsaigh an rìgh; ach cha b’àill leis teachd da ionnsaigh: agus nuair a chuir e fios a‑rìs an dara uair, cha b’àill leis teachd.
Agus chuir rìgh Solamh fios air, agus thug iad air teachd a‑nuas on altair, agus thàinig e agus chrom e e fhèin do rìgh Solamh. Agus thubhairt Solamh ris, Imich dod thaigh.
Agus chuir an rìgh fios, agus ghairm e air Simei, agus thubhairt e ris, Tog dhut fhèin taigh ann an Ierusalem, agus gabh còmhnaidh an sin, agus na falbh a‑mach as a sin taobh sam bith.
Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.