Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre.
A‑nis ghabh Absalom, nuair a bu bheò e, agus chuir e suas dha fhèin carragh, a tha ann an gleann an rìgh: oir thubhairt e, Chan eil mac agam a chumail m’ainme air chuimhne: agus thug e a ainm fhèin air a’ charragh; agus theirear ris gu ruig an là‑an‑diugh, Clach-chuimhneachain Absaloim.
Oir èiridh mise nan aghaidh, deir Tighearna nan sluagh, agus gearraidh mi as o Bhàbilon an t‑ainm agus an t‑iarmad, agus am mac agus an t‑ogha, deir an Tighearna.
Mar seo deir an Tighearna, Sgrìobhaibh-se am fear seo gun chlann, duine nach soirbhich na làithean; oir cha soirbhich duine de a shliochd a shuidheas air cathair Dhaibhidh, agus a riaghlas na dhèidh seo ann an Iùdah.