Agus thubhairt an rìgh, Tilleadh e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus na faiceadh e mo ghnùis-sa. Agus thill Absalom a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus chan fhaca e gnùis an rìgh.
Agus thubhairt esan, Ro‑mhath; nì mise coicheangal riut: ach aon nì tha mi ag iarraidh ort, eadhon nach faic thu mo ghnùis, mura toir thu leat air tùs Michal nighean Shauil, nuair a thig thu gam fhaicinn.
Agus thubhairt Phàraoh ris, Imich a‑mach uam; thoir an aire dhut fhèin, na faic m’aghaidh nas mò; oir anns an là sin anns am faic thu m’aghaidh, gheibh thu bàs.
Agus thubhairt a bràthair Absalom rithe, An robh do bhràthair Amnon maille riut? Ach a‑nis, a phiuthar, bi ad thosd; is e do bhràthair e; na cuireadh an nì seo smuairean ort. Agus dh’fhan Tàmar gu h‑aonaranach ann an taigh a bràthar Absalom.