2 Samuel 14:22Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thuit Ioab air a aghaidh gu làr, agus chrom e e fhèin, agus bheannaich e don rìgh: agus thubhairt Ioab, An‑diugh tha fhios aig do sheirbhiseach gun d’fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, mo thighearna, a rìgh; oir rinn an rìgh iarrtas a sheirbhisich. Faic an caibideil |
Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.