A thoirt mun cuairt a leithid seo de chainnt, rinn do sheirbhiseach Ioab an nì seo: agus tha mo thighearna glic, a rèir gliocas aingeal Dhè, a thuigsinn gach nì a tha air an talamh.
An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut.
Agus chùl-chàin esan do sheirbhiseach rim thighearna an rìgh; ach tha mo thighearna an rìgh mar aingeal Dhè: dèan uime sin an nì sin a tha math ad shùilean.
Oir cha robh teaghlach m’athar uile ach nan daoine marbha am fianais mo thighearna an rìgh; gidheadh chuir thu do sheirbhiseach nam measg-san a dh’ith aig do bhòrd fhèin: ciod matà a’ chòir a tha agamsa tuilleadh air glaodhaich nas mò ris an rìgh?
Agus nuair a dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, thubhairt e, Cha tèid thu suas; ach gabh mun cuairt air an cùlaibh, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur.
Agus fhreagair Achis agus thubhairt e ri Daibhidh, Tha fhios agam gu bheil thu math; ann am shùilean-sa tha thu mar aingeal Dhè: gidheadh, thubhairt tighearnan nam Philisteach, Cha tèid e suas maille rinne don chath.