Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an rìgh, Nach eil làmh Ioaib maille riut anns an nì seo uile? Agus fhreagair a’ bhean agus thubhairt i, Mar as beò d’anam, a thighearna, a rìgh, chan eil claonadh sam bith a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe ann an nì air bith a labhair mo thighearna, an rìgh: oir do sheirbhiseach Ioab, is esan a chuir ann am beul do bhanoglaich na briathran seo uile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Uriah ri Daibhidh, Tha an àirc, agus Israel, agus Iùdah a’ fantainn ann am pàilleanan; agus tha mo thighearna, Ioab, agus seirbhisich mo thighearna, air campachadh air aghaidh na machrach; an tèid mise matà a‑steach dom thaigh, a dh’ithe, agus a dh’òl, agus a laighe lem mhnaoi? Mar as beò thusa, agus mar as beò d’anam, cha dèan mi an nì seo.

Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Na ceil orm, guidheam ort, an nì a dh’fheòraicheas mi dhìot. Agus thubhairt a’ bhean, Labhradh a‑nis mo thighearna an rìgh.

Agus thèid thu a dh’ionnsaigh an rìgh, agus labhraidh tu ris air an dòigh seo. Agus chuir Ioab na facail na beul.

No dhèanainn eucoir an aghaidh m’anama fhèin: oir chan eil nì air bith am falach air an rìgh, agus sheasadh tusa fhèin am aghaidh.

Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.

Fanadh i air ceann Ioaib, agus air taigh a athar uile, agus na biodh a dhìth air taigh Ioaib neach air am bi silteach, no a bhios na lobhar, no dan èiginn siubhal le bata, no a thuiteas air claidheamh, no air am bi easbhaidh arain.

Cha do cheangladh do làmhan, agus cha do chuireadh do chasan ann an geimhlean: mar a thuiteas duine ro dhaoine aingidh, mar sin thuit thusa. Agus ghuil an sluagh uile a‑rìs os a chionn.

Agus thubhairt Eliah ri Elisa, Fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Betel. Agus thubhairt Elisa ris, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad sìos gu Betel.

Agus labhraidh tusa ris, agus cuiridh tu facail na bheul: agus bidh mise led bheul-sa, agus le a bheul-san, agus teagaisgidh mi dhuibh ciod a nì sibh.

Is i glòir Dhè nì a cheiltinn; ach is e urram rìghrean nì a rannsachadh.

Na tionndaidh a‑chum na làimhe deise, no clìthe: caraich do chas on olc.

Leig leinn, guidheam ort, dol tro do dhùthaich: cha tèid sinn tro achadh sam bith, no tro fhìonlios, cha mhò a dh’òlas sinn uisge nan tobar; imichidh sinn air rathad mòr an rìgh, cha tionndaidh sinn a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe, gus an tèid sinn seach do chrìochan.

Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh.

Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh.

Bheir sibh an aire, uime sin, gun dèan sibh mar a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh: cha chlaon sibh a thaobh a‑chum na làimhe deise no clìthe.

A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu.

Agus thubhairt i, Mo thighearna, mar as beò d’anam, mo thighearna, is mise a’ bhean a sheas làimh riut an seo a’ dèanamh ùrnaigh ris an Tighearna.

Agus nuair a chunnaic Saul Daibhidh a’ dol a‑mach an aghaidh an Philistich, thubhairt e ri Abner, ceannard an t‑sluaigh, Abneir, cò dom mac an t‑òganach seo? Agus thubhairt Aber, Mar as beò d’anam, O a rìgh, chan eil fhios agam.

Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.

A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan