Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Na ceil orm, guidheam ort, an nì a dh’fheòraicheas mi dhìot. Agus thubhairt a’ bhean, Labhradh a‑nis mo thighearna an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut.

Agus thubhairt an rìgh, Nach eil làmh Ioaib maille riut anns an nì seo uile? Agus fhreagair a’ bhean agus thubhairt i, Mar as beò d’anam, a thighearna, a rìgh, chan eil claonadh sam bith a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe ann an nì air bith a labhair mo thighearna, an rìgh: oir do sheirbhiseach Ioab, is esan a chuir ann am beul do bhanoglaich na briathran seo uile:

An sin chuir an rìgh Sedeciah fios, agus thug e Ieremiah am fàidh da ionnsaigh gus an treas dol-a‑steach a tha ann an taigh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh ri Ieremiah, Feòraichidh mi nì àraidh dhìot; na ceil a’ bheag orm.

Ach ma chluinneas na h‑uachdarain gun do labhair mise riut, agus gun tig iad ad ionnsaigh, agus gun abair iad riut, Innis dhuinn a‑nis ciod a thubhairt thu ris an rìgh, na ceil e oirnne, agus cha chuir sinn gu bàs thu; mar an ceudna ciod a thubhairt an rìgh riutsa:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan