Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bàsaichidh sinn gu deimhinn, agus tha sinn mar uisge a dhòirteadh air an talamh, agus nach cruinnichear a‑rìs: gidheadh chan àill le Dia beatha a thoirt air falbh, ach smaoinichidh e air meadhonan a‑chum nach fògair e a fhògarrach gu tur uaithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar seo their thu ri Ioab, Na biodh an nì seo olc ad shùilean; oir cuiridh an claidheamh as do aon duine cho math is do dhuine eile: dèan do chath nas treasa an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e, agus thoir misneach dha.

Agus a‑nis gu bheil mi air teachd a labhairt rim thighearna an rìgh mun nì seo, is ann a chionn gun do chuir an sluagh eagal orm: agus thubhairt do bhanoglach, Labhraidh mi a‑nis ris an rìgh: theagamh gun dèan an rìgh iarrtas a bhanoglaich.

Agus cràdhaidh mi sliochd Dhaibhidh air a shon seo, ach chan ann gu bràth.

Ma bhàsaicheas duine, an tig e beò? Uile làithean m’aimsire suidhichte feithidh mi, gus an tig mo chaochladh.

Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò.

Bàsaichidh gach uile fheòil le chèile, agus tillidh an duine a‑rìs don duslach.

Ris-san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.

Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim.

Air tiormachadh mar shoitheach creadha tha mo neart, agus tha mo theanga a’ leantainn rim ghial, agus gu ùir a’ bhàis thug thu mi.

Leaghadh iad, mar uisgeachan a ruitheas gu saor; cuireadh Dia a shaighdean nan aghaidh, agus gearrar as iad.

An do sguir a choibhneas am feasd. An d’fhàilnich a fhacal o linn gu linn?

Dhòirt iad am fuil mar uisge timcheall Ierusaleim, agus cha robh neach gu an adhlacadh.

Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.

Tionndaidhidh tu an duine gu sgrios, agus their thu, Tillibh, a chlann nan daoine.

Agus mura do laigh duine am plaid, ach gun tug Dia thairis ga làimh e, an sin sònraichidh mise àite dhut don teich e.

Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn.

Oir cha tilg an Tighearna uaithe gu bràth:

A bheil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh? tha an Tighearna Dia ag ràdh: nach ann a tha mo thlachd na thilleadh o a shlighe, agus gum biodh e beò?

Ma dh’aidicheas iad an aingidheachd fhèin, agus aingidheachd an athraichean, a rèir an easaontais a rinn iad am aghaidh, agus mar an ceudna gun do ghluais iad am aghaidh;

Bidh na sia bailtean sin nan dìdein, araon do chloinn Israeil, agus don choigreach, agus dhàsan a bhios air chuairt nam measg; a‑chum gun teich gach neach an sin, a mharbhas duine gun fhios.

Agus saoraidh an co‑chruinneachadh am marbhaiche à làimh dìoghaltair na fala, agus cuiridh an co‑chruinneachadh air ais e do bhaile a dhìdein, gus an do theich e: agus fanaidh e ann gu bàs an àrd-shagairt, a dh’ungadh leis an ola naoimh.

A chionn gum bu chòir dha fuireach ann am baile a dhìdein gu bàs an àrd-shagairt: ach an dèidh bàs an àrd-shagairt, tillidh am marbhaiche gu fearann a sheilbhe fhèin.

Agus chuir iad da ionnsaigh an deisciobail fhèin maille ri luchd-leanmhainn Heroid, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìor, agus gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil suim agad de dhuine sam bith: oir chan eil thu ag amharc air pearsa dhaoine.

An sin dh’fhosgail Peadar a bheul, agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag aithneachadh nach eil Dia ag amharc air pearsa seach a chèile:

Oir chan eil spèis aig Dia de phearsa seach a chèile.

Oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia nan dia, agus Tighearna nan tighearnan, Dia mòr, cumhachdach, agus uamhasach, aig nach eil bàidh ri neach seach a chèile, agus nach gabh duais.

Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas:

Agus ma ghoireas sibh air an Athair, a bheir breith a rèir obraichean gach neach, gun chlaon-bhàidh ri neach seach a chèile, caithibh aimsir ur cuairt an seo le eagal:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan