Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt a’ bhean, Labhradh, guidheam ort, do bhanoglach aon fhacal rim thighearna, an rìgh. Agus thubhairt esan, Abair romhad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Abrahàm agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna, agus gun annam ach duslach agus luaithre:

Agus thubhairt e, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: Mas e is gum faighear deichnear an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air sgàth deichnear.

An sin thàinig Iùdah am fagas dha, agus thubhairt e, Och mo thighearna, leig led sheirbhiseach, guidheam ort, facal a labhairt ann an cluasan mo thighearna, agus na lasadh d’fhearg an aghaidh do sheirbhisich: oir is amhail thusa agus Phàraoh.

An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an rìgh an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bi dìoghaltairean na fala lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròinneag de fhalt do mhic gu làr.

Agus thubhairt a’ bhean, Carson matà a smaoinich thu a leithid seo de nì an aghaidh sluagh Dhè? Oir tha an rìgh a’ labhairt an nì seo mar neach a tha ciontach, a chionn nach eil an rìgh a’ toirt a fhògarraich air ais.

Agus nuair a thàinig e am fagas di, thubhairt a’ bhean, An tu Ioab? Agus fhreagair esan, Is mi. An sin thubhairt i ris, Eisd ri briathran do bhanoglaich. Agus fhreagair esan, Tha mi ag èisdeachd.

Thubhairt e os bàrr, Tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt ise, Abair romhad.

Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?

An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Tha cead agad labhairt air do shon fhèin. An sin shìn Pòl a‑mach a làmh, agus fhreagair e air a shon fhèin.

Agus thuit i aig a chasan, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, biodh an cionta seo, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad èisdeachd, agus cluinn briathran do bhanoglaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan