Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 14:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an rìgh an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bi dìoghaltairean na fala lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròinneag de fhalt do mhic gu làr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abram ri rìgh Shòdoim, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearna, an Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn,

Ma bhuineas tu gu cruaidh rim nigheanan, no ma ghabhas tu mnathan eile a thuilleadh air mo nigheanan-sa, chan eil duine sam bith maille rinn; feuch, tha Dia na fhianais eadar mise agus thusa.

Agus thubhairt an rìgh, Ge bè neach a their nì sam bith riut, thoir am ionnsaigh-sa e, agus cha bhean e riut nas mò.

An sin thubhairt a’ bhean, Labhradh, guidheam ort, do bhanoglach aon fhacal rim thighearna, an rìgh. Agus thubhairt esan, Abair romhad.

Agus thubhairt an rìgh ri Ioab, Feuch a‑nis, rinn mi an nì seo: imich matà, thoir air ais an t‑òganach Absalom.

Agus thubhairt Solamh, Ma bhios e na dhuine math, cha tuit ròineag de a fhalt gu làr; ach ma gheibhear olc ann, cuirear gu bàs e.

Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan, agus annsan nì iad uaill.

Marbhaidh dìoghaltair na fala e fhèin am mortair: nuair a choinnicheas e e, marbhaidh e e.

No ma bhuaileas e e le a làimh ann an naimhdeas, air chor is gum faigh e bàs; cuirear esan a bhuail e gun teagamh gu bàs; oir is mortair e: marbhaidh dìoghaltair na fala am mortair, nuair a choinnicheas e e.

Agus gum faigh dìoghaltair na fala e an taobh a‑muigh de chrìochan baile a dhìdein, agus gum marbh dìoghaltair na fala am marbhaiche; cha bhi e ciontach de fhuil:

Ach tha eadhon fuilteanan ur cinn uile air an àireamh.

Uime sin guidheam oirbh biadh a ghabhail; oir tha seo a‑chum ur slàinte: oir cha chaillear fuiltean à ceann a h‑aoin agaibh.

Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.

Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gun do mhionnaich sinn le chèile ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd-sa agus do shliochd-sa gu bràth. Agus dh’èirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan don bhaile.

Agus mhionnaich Saul dhi air an Tighearna, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna, cha tachair olc sam bith dhut airson an nì seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan