An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an rìgh an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bi dìoghaltairean na fala lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròinneag de fhalt do mhic gu làr.
Agus thubhairt a’ bhean o Thecòah ris an rìgh, Ormsa, a thighearna, a rìgh, biodh am peacadh, agus air taigh m’athar; agus biodh an rìgh agus a rìgh-chathair neo-chiontach.
An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh.