Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh i aghann, agus thaom i a‑mach iad na fhianais, ach dhiùlt esan ithe. Agus thubhairt Amnoin, Thugaibh a‑mach gach duine uam; agus thug iad a‑mach gach duine uaithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus cha b’urrainn Iòseph cumail air fhèin nan làthair-san uile a sheas làimh ris; agus ghlaodh e, Cuiribh gach duine a‑mach uam. Agus cha do sheas duine sam bith maille ris, nuair a rinn Iòseph e fhèin aithnichte da bhràithrean.

Agus thubhairt Amnon ri Tàmar, Thoir am biadh a‑steach don t‑seòmar, a‑chum gun ith mi as do làimh. Agus ghabh Tàmar na breacagan a rinn i, agus thug i iad don t‑seòmar a dh’ionnsaigh a bràthar, Amnon.

Agus chaidh Tàmar do thaigh a bràthar, Amnon, (agus bha esan na laighe,) agus ghabh i min mhìn, agus thaoisinn i i, agus rinn i breacagan na fhianais, agus bhruith i na breacagan.

Oir gach neach a tha a’ dèanamh uilc, tha e a’ toirt fuatha don t‑solas, agus chan eil e a’ teachd a‑chum an t‑solais, air eagal gum biodh a obraichean air an cronachadh.

Ach thill e fhèin a‑rìs o na clach-shlocan a bha làimh ri Gilgal, agus thubhairt e, Tha gnothach uaigneach agam riut, O a rìgh. Agus thubhairt esan, Bi ad thosd. Agus chaidh iadsan uile a sheas làimh ris a‑mach uaithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan