Agus chaidh Tàmar do thaigh a bràthar, Amnon, (agus bha esan na laighe,) agus ghabh i min mhìn, agus thaoisinn i i, agus rinn i breacagan na fhianais, agus bhruith i na breacagan.
Agus ghabh i aghann, agus thaom i a‑mach iad na fhianais, ach dhiùlt esan ithe. Agus thubhairt Amnoin, Thugaibh a‑mach gach duine uam; agus thug iad a‑mach gach duine uaithe.
Agus bha aig a’ mhnaoi laogh biadhte anns an taigh, agus rinn i cabhag agus mharbh i e: agus ghabh i min mhìn, agus dh’fhuin i i, agus rinn i aran neo-ghortaichte dhith: