Agus laigh Amnon sìos, agus leig e air a bhith tinn; agus nuair a thàinig an rìgh ga fhaicinn, thubhairt Amnon ris an rìgh, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus dèanadh i dà bhreacaig am fhianais, a‑chum gun ith mi as a làimh.
Agus chaidh Tàmar do thaigh a bràthar, Amnon, (agus bha esan na laighe,) agus ghabh i min mhìn, agus thaoisinn i i, agus rinn i breacagan na fhianais, agus bhruith i na breacagan.