Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus laigh Amnon sìos, agus leig e air a bhith tinn; agus nuair a thàinig an rìgh ga fhaicinn, thubhairt Amnon ris an rìgh, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus dèanadh i dà bhreacaig am fhianais, a‑chum gun ith mi as a làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus ghreas Abrahàm don bhùth a dh’ionnsaigh Shàrah, agus thubhairt e, Dèan cabhag, taoisinn trì miosaran de mhin fhlùir, agus dèan breacagan air lic an teintein.

Agus thubhairt Ionadab ris, Laigh sìos air do leabaidh, agus leig ort a bhith tinn; agus nuair a thig d’athair gad fhaicinn, their thu ris, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus thugadh i biadh dhomh, agus deasaicheadh i am biadh am fhianais, a‑chum gum faic mi e, agus gun ith mi as a làimh e.

An sin chuir Daibhidh fios dhachaigh a dh’ionnsaigh Thàmair, ag ràdh, Imich a‑nis gu taigh do bhràthar, Amnon, agus deasaich dha biadh.

Cosamhlachd eile labhair e riu: Is cosmhail rìoghachd nèimh ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan