Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Ionadab ris, Laigh sìos air do leabaidh, agus leig ort a bhith tinn; agus nuair a thig d’athair gad fhaicinn, their thu ris, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus thugadh i biadh dhomh, agus deasaicheadh i am biadh am fhianais, a‑chum gum faic mi e, agus gun ith mi as a làimh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Carson a tha thusa, agus gur mac don rìgh thu, tana mar seo o là gu là? Nach innis thu dhòmhsa? Agus thubhairt Amnon ris, Tha gràdh agam air Tàmar, piuthar mo bhràthar Absalom.

Agus laigh Amnon sìos, agus leig e air a bhith tinn; agus nuair a thàinig an rìgh ga fhaicinn, thubhairt Amnon ris an rìgh, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus dèanadh i dà bhreacaig am fhianais, a‑chum gun ith mi as a làimh.

Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Gabh a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich d’athar, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe; agus cluinnidh Israel uile gu bheil thu air fàs gràineil dod athair, agus neartaichear làmhan gach neach a tha maille riut.

Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais.

A‑nis uime sin iarraibh-se maille ris a’ chomhairle air an àrd-cheannard, gun tugadh e dur n‑ionnsaigh-se e a‑màireach, mar gum biodh a rùn oirbh fios fhaotainn na bu choileanta air nì‑eigin ma thimcheall; agus tha sinne deas a‑chum esan a mharbhadh, mun tig e am fagas dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan