Agus thug Isaac i do bhùth Shàrah a mhàthair, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige na mnaoi: agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas an dèidh bàs a mhàthar.
Agus dh’èirich a mhic uile agus a nigheanan uile suas, a thoirt sòlais dha; ach dhiùlt esan sòlas a ghabhail; agus thubhairt e, Oir thèid mi sìos don uaigh a‑chum mo mhic ri bròn. Mar seo rinn a athair caoidh air a shon.
Agus ùine fhada an dèidh sin fhuair nighean Shuah, bean Iùdah, bàs: agus thog Iùdah a mhisneach, agus chaidh e suas a dh’ionnsaigh luchd-lomairt a chaorach, e fhèin agus a charaid Hirah an t‑Adulamach, gu Timnat.
Tha m’anam a’ miannachadh, seadh, eadhon a’ fannachadh le dèidh air cùirtean an Tighearna; tha mo chridhe agus m’fheòil ag èigheach gu h‑àrd airson an Dè bheò.
Bheirear do mhic agus do nigheanan do shluagh eile, agus chì do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son rè an là: agus cha bhi neart sam bith ad làimh.