Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin theich Absalom, agus chaidh e do Ghesur, agus bha e an sin trì bliadhna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach theich Absalom. Agus thog an t‑òganach a bha a’ gleidheadh na faire a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha mòran sluaigh a’ teachd air an t‑slighe air a chùlaibh o thaobh an t‑slèibh.

Agus thubhairt a’ bhean, Carson matà a smaoinich thu a leithid seo de nì an aghaidh sluagh Dhè? Oir tha an rìgh a’ labhairt an nì seo mar neach a tha ciontach, a chionn nach eil an rìgh a’ toirt a fhògarraich air ais.

Agus dh’èirich Ioab agus chaidh e gu Gesur, agus thug e Absalom gu Ierusalem.

Agus fhreagair Absalom Ioab, Feuch, chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, Thig an seo, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh an rìgh, a ràdh, Carson a thàinig mi o Ghesur? Bu mhath dhòmhsa gum bithinn fhathast an sin: a‑nis matà faiceam gnùis an rìgh; agus ma tha eu‑ceart sam bith annam, thugadh e fa‑near mo mharbhadh.

Oir bhòidich do sheirbhiseach bòid nuair a bha mi am chòmhnaidh ann an Gesur ann an Siria, ag ràdh, Ma bheir an Tighearna mi gu dearbh a‑rìs gu Ierusalem, an sin nì mi seirbhis don Tighearna.

Agus a dhara mac Chiliab, ri Abigail bean Nàbail, an Carmeleach: agus an treas mac Absalom, mac Mhaacah, nighean Thalmai, rìgh Ghesuir:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan