Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cho luath is a sguir e de labhairt, feuch, thàinig mic an rìgh, agus thog iad suas an guth agus ghuil iad: agus ghuil mar an ceudna an rìgh, agus a sheirbhisich uile, le gul ro‑mhòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt a sheirbhisich ris, Ciod e an nì seo a rinn thu? Airson an leinibh, nuair a bha e beò, thraisg thu agus ghuil thu: ach nuair a dh’eug an leanabh, dh’èirich thu agus dh’ith thu aran.

An sin dh’fhuathaich Amnon i le fuath ro‑mhòr, air chor is gum bu mhò am fuath leis an d’fhuathaich e i na an gràdh leis an do ghràdhaich e i: agus thubhairt Amnon rithe, Eirich, bi ag imeachd.

Agus thubhairt Ionadab ris an rìgh, Feuch, tha mic an rìgh a’ teachd: a rèir facal do sheirbhisich, mar sin tha e.

Ach theich Absalom, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Thalmai, mac Amihuid, rìgh Ghesuir: agus chuala Daibhidh sin, agus rinn e caoidh airson a mhic gach aon là.

Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan