Ach theich Absalom. Agus thog an t‑òganach a bha a’ gleidheadh na faire a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha mòran sluaigh a’ teachd air an t‑slighe air a chùlaibh o thaobh an t‑slèibh.
Agus thubhairt e ris an rìgh, Na cuireadh mo thighearna euceart as mo leth, agus na cuimhnich an nì a rinn do sheirbhiseach gu h‑an‑dligheach air an là anns an deachaidh mo thighearna, an rìgh, a‑mach à Ierusalem, air chor is gun gabhadh an rìgh ga chridhe e.