Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bha aig Amnon caraid dom b’ainm Ionadab, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh: agus bha Ionadab na dhuine ro‑sheòlta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus bha an nathair na bu sheòlta na aon de bheathaichean na machrach a rinn an Tighearna Dia. Agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Chan ith sibh de gach craoibh anns a’ ghàrradh?

Agus anns an àm sin fhèin chaidh Iùdah sìos o a bhràithrean, agus thionndaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh Adulamaich àraidh, dom b’ainm Hirah.

Agus chuir Iùdah am meann le làimh a charaid an t‑Adulamach, a‑chum is gum faigheadh e an geall o làimh na mnà: ach cha d’fhuair e i.

Agus bha Amnon ann an airc cho mòr is gun d’fhàs e tinn airson a pheathar Tàmar; oir b’òigh i, agus bha e cruaidh ann an sùilean Amnoin nì sam bith a dhèanamh oirre.

Agus fhreagair Ionadab mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, agus thubhairt e, Na smaoinicheadh mo thighearna gun do mharbh iad na h‑òganaich uile, mic an rìgh; oir tha Amnon a‑mhàin marbh: oir le Absalom shuidhicheadh an nì seo, on là anns an d’èignich e a phiuthar Tàmar.

Agus thubhairt e ris, Carson a tha thusa, agus gur mac don rìgh thu, tana mar seo o là gu là? Nach innis thu dhòmhsa? Agus thubhairt Amnon ris, Tha gràdh agam air Tàmar, piuthar mo bhràthar Absalom.

Agus chuir Ioab fios gu Tecòah, agus thug e as a sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhith ri bròn, guidheam ort, agus cuir ort a‑nis aodach bròin, agus na ung thu fhèin le ola, ach bi mar mhnaoi a tha a‑nis fada ri bròn airson mairbh:

Agus nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, e.

Agus ghin Iese a chiad-ghin Eliab, agus Abinadab an dara mac, agus Sima an treas,

Mar an ceudna bha Ionatan, bràthair-athar Dhaibhidh na chomhairleach, na dhuine glic, agus na sgrìobhaiche: agus bha Ieheil mac Hachmoni maille ri mic an rìgh.

Gidheadh chùm Hàman air fhèin, agus chaidh e dhachaigh: agus chuir e fios uaithe, agus thug e air a chàirdean teachd da ionnsaigh, agus air Seres a bhean.

Agus thubhairt Seres a bhean ris, agus a chàirdean uile, Dèanar croich lethcheud làmh-choille air àirde, agus anns a’ mhadainn labhair ris an rìgh gun crochar Mordecai oirre; agus gabh a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme gu subhach. Agus thaitinn an nì ri Hàman, agus thug e fa‑near a’ chroich a bhith air a dèanamh.

Agus dh’innis Hàman do Sheres a bhean, agus da chàirdean uile, gach nì a thachair dha. Agus thubhairt a dhaoine glice agus Seres a bhean ris, Mas ann de shliochd nan Iùdhach Mordecai, ron do thòisich thu air tuiteam, cha bhuadhaich thu na aghaidh, ach gun teagamh tuitidh tu roimhe.

Iarraidh mòran deagh-ghean an duine mhòir; agus bidh gach duine na charaid do fhear nan tìodhlac.

Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.

Oir is amaideachd aig Dia gliocas an t‑saoghail seo: oir tha e sgrìobhte, Glacaidh e na daoine glice nan innleachdan fhèin.

Chan ann on àirde a tha an gliocas seo a’ teachd a‑nuas, ach tha e talmhaidh, collaidh, diabhlaidh.

Ach thugadh bean Shamsoin da chompanach a bha mar charaid aige.

Agus thubhairt Samuel ri Iese, A bheil do mhic uile an seo? Agus thubhairt esan, Dh’fhàgadh fhathast am mac as òige, agus, feuch, tha e ag ionaltradh nan caorach. Agus thubhairt Samuel ri Iese, Cuir fios air, agus thoir an seo e: oir cha suidh sinn sìos gus an tig e an seo.

An sin thug Iese air Samah dol seachad: agus thubhairt e, Cha mhò a thagh an Tighearna e seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan