An sin thubhairt Absalom, Mura tig thu fhèin, thigeadh, guidheam ort, mo bhràthair Amnon maille rinn. Agus thubhairt an rìgh, Carson a rachadh e maille riut?
A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.