An sin thubhairt Absalom, Mura tig thu fhèin, thigeadh, guidheam ort, mo bhràthair Amnon maille rinn. Agus thubhairt an rìgh, Carson a rachadh e maille riut?
Agus thubhairt an rìgh ri Absalom, Chan eadh, a mhic, na rachamaid uile a‑nis, a‑chum nach bi sinn trom ort. Agus chuir e impidh air: gidheadh cha b’àill leis imeachd, ach bheannaich e e.
Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.
Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, leaghaidh mi iad, agus dearbhaidh mi iad; oir ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh a‑thaobh nighean mo shluaigh?