Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Absalom a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Feuch a‑nis, tha luchd-lomairt chaorach aig do sheirbhiseach; thigeadh, guidheam ort, an rìgh agus a sheirbhisich maille rid sheirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus ùine fhada an dèidh sin fhuair nighean Shuah, bean Iùdah, bàs: agus thog Iùdah a mhisneach, agus chaidh e suas a dh’ionnsaigh luchd-lomairt a chaorach, e fhèin agus a charaid Hirah an t‑Adulamach, gu Timnat.

Agus thachair an dèidh dà bhliadhna iomlan gu robh aig Absalom luchd-lomairt chaorach ann am Bàal-hasor, a tha làimh ri Ephraim: agus thug Absalom cuireadh do mhic an rìgh uile.

Agus thubhairt an rìgh ri Absalom, Chan eadh, a mhic, na rachamaid uile a‑nis, a‑chum nach bi sinn trom ort. Agus chuir e impidh air: gidheadh cha b’àill leis imeachd, ach bheannaich e e.

Labhraidh iad dìomhanas gach neach ra choimhearsnach; le bilean miodalach, le cridhe dùbailte labhraidh iad.

Bu mhìne na ìm facail a bheòil, ach bha cogadh na chridhe; bu bhuige a bhriathran na ola, ach bu chlaidheamhan rùisgte iad.

Agus a‑nis chuala mi gu bheil luchd-lomairt chaorach agad: a‑nis do bhuachaillean-sa, a bha maille rinn, cha do rinn sinn cron orra, cha mhò a dh’ionndrainneadh nì sam bith leo rè na h‑aimsir a bha iad ann an Carmel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan