Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha do labhair Absalom ri Amnon aon chuid olc no math: oir dh’fhuathaich Absalom Amnon, a chionn gun d’èignich e a phiuthar Tàmar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair Làban agus Betuel, agus thubhairt iad, Is ann on Tighearna a thàinig an nì seo; chan urrainn sinne olc no math a ràdh riut.

Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.

Tha e an comas mo làimhe-sa cron a dhèanamh ort: ach labhair Dia d’athar rium a‑raoir, ag ràdh, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.

Ach nuair a chuala rìgh Daibhidh na nithean seo uile, bha fearg ro‑mhòr air.

Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e.

Tagair do chùis rid choimhearsnach; agus na foillsich rùn-diamhair do neach eile:

Le a bhilean ceilidh an tì a dh’fhuathaicheas; ach anns an taobh a‑staigh dheth taisgidh e cealg.

An tì a chòmhdaicheas a fhuath le ceilg, foillsichear a aingidheachd am fianais a’ cho-chruinneachaidh.

Na deifrich ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnaichidh fearg ann an uchd amadan.

Uime sin ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu fhèin agus esan a‑mhàin: ma dh’èisdeas e riut, choisinn thu do bhràthair.

Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich:

Biodh gach uile sheirbhe, agus corraich, agus fearg, agus gàrrthaich, agus toibheum, air an togail uaibh, maille ris gach uile mhìorun.

Ach an tì a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas, agus ag imeachd anns an dorchadas, agus chan aithne dha càit a bheil e a’ dol, do bhrìgh gun do dhall an dorchadas a shùilean.

An tì a their gu bheil e anns an t‑solas, agus a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas gus a‑nis.

An seo tha clann Dhè, agus clann an diabhail follaiseach: ge bè neach nach dèan fìreantachd chan ann o Dhia a tha e, no an tì nach gràdhaich a bhràthair.

Chan ann mar Chàin, a bha on droch aon, agus a mharbh a bhràthair. Agus carson a mharbh e e? A chionn gu robh a obraichean fhèin olc, agus obraichean a bhràthar fìreanta.

Gach neach a dh’fhuathaicheas a bhràthair, is mortair e; agus tha fhios agaibh nach eil aig mortair sam bith a’ bheatha mhaireannach a’ fantainn ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan