Agus thàinig mic Iàcoib on mhachair nuair a chuala iad e, agus bha na daoine duilich, agus bha fearg mhòr orra; a chionn gun do rinn e amaideachd ann an Israel, ann an laighe le nighinn Iàcoib, nì nach bu chòir a dhèanamh.
Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:
A‑nis uime sin cha dealaich an claidheamh rid thaigh gu bràth, do bhrìgh gun do rinn thu tàir orm, agus gun do ghabh thu bean Uriah an t‑Hiteach gu bhith na mnaoi dhut fhèin.
Agus las fearg Dhaibhidh an aghaidh an duine gu mòr; agus thubhairt e ri Nàtan, Mar as beò an Tighearna, gu cinnteach cuirear gu bàs am fear a rinn an nì seo:
Agus thubhairt a bràthair Absalom rithe, An robh do bhràthair Amnon maille riut? Ach a‑nis, a phiuthar, bi ad thosd; is e do bhràthair e; na cuireadh an nì seo smuairean ort. Agus dh’fhan Tàmar gu h‑aonaranach ann an taigh a bràthar Absalom.
Carson a tha sibh a’ dèanamh tàir air m’ìobairt, agus air mo thabhartas a dh’àithn mi ann am àite-còmhnaidh, agus a tha thu a’ toirt urraim dod mhic os mo chionn-sa, gu sibh fhèin a dhèanamh reamhar le rogha uile thabhartasan mo shluaigh Israel?