Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Amnon ann an airc cho mòr is gun d’fhàs e tinn airson a pheathar Tàmar; oir b’òigh i, agus bha e cruaidh ann an sùilean Amnoin nì sam bith a dhèanamh oirre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thachair an dèidh seo gu robh aig Absalom mac Dhaibhidh piuthar mhaiseach dom b’ainm Tàmar; agus ghràdhaich Amnon mac Dhaibhidh i.

Ach bha aig Amnon caraid dom b’ainm Ionadab, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh: agus bha Ionadab na dhuine ro‑sheòlta.

Agus thàinig Ahab da thaigh dubhach agus feargach, airson an fhacail a labhair Nàbot an t‑Iesreeleach ris: oir thubhairt e, Cha toir mi dhut oighreachd m’athraichean: agus laigh e sìos air a leabaidh, agus thionndaidh e a aghaidh air falbh, agus chan itheadh e aran.

Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, ma gheibh sibh fear mo ghràidh, gun innis sibh dha mar a tha mi tinn le gràdh.

Oir obraichidh am bròn diadhaidh aithreachas a‑chum slàinte de nach gabhar aithreachas; ach obraichidh doilgheas an t‑saoghail bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan