Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo:
An sin dh’fhuathaich Amnon i le fuath ro‑mhòr, air chor is gum bu mhò am fuath leis an d’fhuathaich e i na an gràdh leis an do ghràdhaich e i: agus thubhairt Amnon rithe, Eirich, bi ag imeachd.
Agus thill an rìgh o lios na lùchairt gu taigh cuirm an fhìona; agus bha Hàman air tuiteam air an leabaidh air an robh Ester. Agus thubhairt an rìgh, An èignich e a’ bhànrighinn mar an ceudna am làthair ann am thaigh? Nuair a chaidh am facal à beul an rìgh, chòmhdaich iad aghaidh Hàmain.
Agus dh’èirich fir Ghibeah am aghaidh, agus chuartaich iad an taigh mun cuairt orm anns an oidhche: mi fhèin b’àill leo a mharbhadh, agus air mo choileabach rinn iad èiginn, agus tha i marbh.