Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 13:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mise, càit an cuir mi air falbh mo mhasladh? Agus air do shon-sa, bidh tu mar aon de na h‑amadain ann an Israel: a‑nis uime sin labhair, guidheam ort, ris an rìgh; oir cha chùm e uat mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Feuch a‑nis, tha agam dithis nighean do nach b’aithne fear; leigibh leam, guidheam oirbh, an toirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, agus dèanaibh riu mar as àill leibh: a‑mhàin air na daoine seo na dèanaibh a’ bheag, oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig iad fo sgàil mo thaighe-sa.

Agus gidheadh is i gu deimhinn mo phiuthar, nighean m’athar, i, ach chan i nighean mo mhàthar; agus bha i agam mar mhnaoi.

An sin bheir iad a‑mach an nighean gu doras taigh a h‑athar, agus clachaidh daoine a baile i le clachan gus am bàsaich i; a chionn gun d’obraich i amaideachd ann an Israel, le strìopachas a dhèanamh ann an taigh a h‑athar: mar sin cuiridh tu air falbh olc as ur measg.

Feuch, mo nighean, maighdeann, agus a choileabach, iadsan bheir mi a‑mach a‑nis, agus ìslichibh-se iad, agus dèanaibh riu an nì sin a tha nur sùilean: ach air an duine seo na dèanaibh nì cho gràineil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan