Agus fhreagair i e, Chan eadh, a bhràthair, na èignich mi; oir cha chòir a leithid seo a bhith air a dhèanamh ann an Israel: na dèan-sa an amaideachd seo.
Agus thàinig mic Iàcoib on mhachair nuair a chuala iad e, agus bha na daoine duilich, agus bha fearg mhòr orra; a chionn gun do rinn e amaideachd ann an Israel, ann an laighe le nighinn Iàcoib, nì nach bu chòir a dhèanamh.
Do bhrìgh gun do chuir iad an gnìomh aingidheachd ann an Israel, agus gun do rinn iad adhaltranas le mnathan an coimhearsnach, agus gun do labhair iad briathran breugach ann am ainm-sa, nach d’àithn mise dhaibh, air a bheil eadhon mise fiosrach agus am fhianais, deir an Tighearna.
Agus ma ghabhas duine a phiuthar, nighean a athar, no nighean a mhàthar, agus gum faic e a nochd, agus gum faic ise a nochd-san, is nì maslach e; agus gearrar as iad ann an sealladh an sluaigh: leig e ris nochd a pheathar, giùlainidh e a aingidheachd.
An sin bheir iad a‑mach an nighean gu doras taigh a h‑athar, agus clachaidh daoine a baile i le clachan gus am bàsaich i; a chionn gun d’obraich i amaideachd ann an Israel, le strìopachas a dhèanamh ann an taigh a h‑athar: mar sin cuiridh tu air falbh olc as ur measg.
An sin bheir am fear a laigh leatha do athair na h‑ighinn lethcheud secel airgid, agus bidh i na mnaoi aige; a chionn gun d’ìslich e i, chan fhaod e a cur uaithe ra bheò.
Agus chaidh an duine, maighistir an taighe, a‑mach dan ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Na dèanaibh, mo bhràithrean, na dèanaibh, guidheam oirbh, cho olc; an dèidh don duine seo teachd a dh’ionnsaigh mo thaighe-sa, na dèanaibh an nì gràineil seo.
Agus rug mi air mo choileabach, agus gheàrr mi i na mìrean, agus chuir mi i air feadh uile fhearann oighreachd Israeil: oir rinn iad cionta agus gràinealachd ann an Israel.