Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Daibhidh uaithe teachdairean, agus ghabh e i; agus thàinig i a‑steach da ionnsaigh, agus laigh e leatha (oir bha i air a glanadh o a neòghlaine), agus thill i da taigh fhèin.

A‑nis uime sin cha dealaich an claidheamh rid thaigh gu bràth, do bhrìgh gun do rinn thu tàir orm, agus gun do ghabh thu bean Uriah an t‑Hiteach gu bhith na mnaoi dhut fhèin.

Agus mar seo thubhairt Simei nuair a mhallaich e e, Thig a‑mach, thig a‑mach, thusa a dhuine fhuileachdaich, agus a dhuine le Belial:

A chionn gun do rinn Daibhidh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h‑uile nithean a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a‑mhàin an cùis Uriah an t‑Hiteach.

Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An do mharbh thu, agus mar an ceudna an do ghabh thu sealbh? Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Anns an àit anns an d’imlich na madraidh fuil Nàboit, imlichidh na madraidh d’fhuil-sa, eadhon d’fhuil-sa.

Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd-mholaidh mo theanga d’fhìreantachd.

Oir chan iarr thu ìobairt, no bheirinn dhut i; ann an ìobairt-loisgte chan eil tlachd agad.

Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.

Chuir thu ar n‑euceartan ad fhianais, ar peacaidhean diamhair ann an solas do ghnùise.

Esan a ghluaiseas na ionracas bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air.

Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.

Agus gun dèan e an nì sin a tha olc ann am shealladh, agus nach bi e umhail dom ghuth; an sin gabhaidh mi aithreachas den mhath a bha romham a dhèanamh dhaibh.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Iùdah, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do rinn iad dìmeas air reachd an Tighearna, agus nach do choimhead iad a àitheantan; agus thug an diathan brèige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an athraichean air an dèidh.

Carson matà nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, ach a leum thu air a’ chreich, agus a rinn thu olc ann an sùilean an Tighearna?

Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.

Agus thubhairt Samuel ri Saul, Cha till mi maille riut; oir chuir thu cùl ri facal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhith ad rìgh air Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan