Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug mi dhut taigh do mhaighistir, agus mnathan do mhaighistir ann ad uchd, agus thug mi dhut taigh Israeil agus Iùdah; agus nam bu bheag sin, bheirinn dhut cuideachd an leithid seo agus an leithid siud de nithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo:

Aig an duine bheartach bha ro‑mhòran chaorach agus cruidh:

Agus thàinig daoine Iùdah, agus dh’ung iad an sin Daibhidh na rìgh os cionn taigh Iùdah. Agus dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, B’iad daoine Iabeis-ghilead a dh’adhlaic Saul.

Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah.

Agus bu bheag an nì seo fhathast ad shùilean-sa, a Thighearna Dhè: ach labhair thu mar an ceudna a‑thaobh taigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd: agus an e seo gnàth duine, a Thighearna Dhè?

Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

Agus fhreagair rìgh Solamh, agus thubhairt e ra mhàthair, Agus carson a dh’iarras tu Abisag a’ bhan-Sunamach do Adoniah? Iarr dha an rìoghachd mar an ceudna; (oir is e mo bhràthair as sine e;) eadhon dhàsan, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab mac Sheruiah.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.

An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?

Carson matà nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, ach a leum thu air a’ chreich, agus a rinn thu olc ann an sùilean an Tighearna?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan