Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Is tusa an duine. Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Dh’ung mise thu ad rìgh os cionn Israeil, agus shaor mi thu à làimh Shauil:
Agus thubhairt a’ bhean, Carson matà a smaoinich thu a leithid seo de nì an aghaidh sluagh Dhè? Oir tha an rìgh a’ labhairt an nì seo mar neach a tha ciontach, a chionn nach eil an rìgh a’ toirt a fhògarraich air ais.
Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna briathran na laoidh seo, anns an là air an do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean uile, agus à làimh Shauil:
A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhith a’ leantainn nan caorach, gu bhith ann ad cheannard air mo shluagh, air Israel:
Falbh, innis do Ierobòam, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh: A chionn gun d’àrdaich mise thu à meadhon an t‑sluaigh, agus gun do chuir mi thu ad cheannard air mo shluagh Israel,
Agus thubhairt esan, Cha mhise a chuir Israel fo bhuaireas, ach thusa agus taigh d’athar, a‑thaobh gun do thrèig sibh àitheantan an Tighearna, agus gun do lean sibh Bàalim.
Agus am feadh a bha d’òglach a’ bith-dhèanamh an seo agus an siud, cha robh esan ra fhaotainn. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Is ann mar seo a bhios do bhreitheanas; dh’òrdaich thu fhèin e.
Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do leig thu as do làimh duine a dh’òrdaich mise gu lèirsgrios, uime sin bidh d’anam-sa airson a anama-san, agus do shluagh-sa airson a shluaigh-san.
Is tusa sin, O rìgh, a tha air fàs agus air cinntinn làidir: oir tha do mheud air fàs, agus a’ ruigheachd gu nèamh, agus d’uachdaranachd gu crìch na talmhainn.
Agus thubhairt Samuel ri Saul, Rinn thu gu h‑amaideach: cha do ghlèidh thu àithne an Tighearna do Dhia, a dh’àithn e dhut; oir a‑nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth.
Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.
Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.
Agus thubhairt Saul, Bheir mi dha i, a‑chum gum bi i dha na ribe, agus gum bi làmh nam Philisteach na aghaidh. Uime sin thubhairt Saul ri Daibhidh, Le aon den dithis bidh tu ad chliamhainn agamsa an‑diugh.
Agus dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach ann an daingnichean làidir, agus dh’fhan e ann an sliabh am fàsach Shiph: agus dh’iarr Saul e gach aon là, ach cha tug Dia thairis da làimh e.
Agus dh’innseadh do Shaul gun tàinig Daibhidh gu Ceilah; agus thubhairt Saul, Thug Dia thairis dom làimh e: oir dhruideadh a‑steach e le dol a‑steach do bhaile gheatachan agus chrann.