Aisigibh dhaibh, guidheam oirbh, mar air an là‑an‑diugh, am fearann, am fìon-liosan, an liosan-ola; agus an taighean: mar an ceudna cuid den airgead, agus den t‑sìol, den fhìon, agus den ola, a tha sibh a’ togail uapa.
No nì sam bith mun tug e mionnan eithich; bheir e air ais e anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid a thuilleadh ris, agus bheir e dhàsan e dom buin e, ann an là a ìobairt-easaontais.
Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread.