Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig fear-turais a dh’ionnsaigh an duine bheartaich, agus chaomhain e gabhail de a chaoraich fhèin, agus de a chrodh fhèin, a dheasachadh airson an fhir-turais a thàinig da ionnsaigh, ach ghabh e uan an duine bhochd, agus dheasaich e e don fhear a thàinig da ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach aig an duine bhochd cha robh nì sam bith ach aon uan beag boireann a cheannaich e agus a bheathaich e: agus dh’fhàs e suas maille ris fhèin, agus maille ra chloinn; dh’ith e de a ghreim fhèin, agus dh’òl e as a chupan fhèin, agus laigh e na uchd, agus bha e dha mar nighinn.

Agus las fearg Dhaibhidh an aghaidh an duine gu mòr; agus thubhairt e ri Nàtan, Mar as beò an Tighearna, gu cinnteach cuirear gu bàs am fear a rinn an nì seo:

Ach tha gach duine air a bhuaireadh, nuair a thàirngear, agus a thàlaidhear, e le a ana-miann fhèin.

Agus nuair a thog e suas a shùilean, chunnaic e duine a bha air thuras ann an sràid a’ bhaile: agus thubhairt an seann duine, Càit a bheil thu a’ dol? Agus cia as a tha thu air teachd?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan