Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach aig an duine bhochd cha robh nì sam bith ach aon uan beag boireann a cheannaich e agus a bheathaich e: agus dh’fhàs e suas maille ris fhèin, agus maille ra chloinn; dh’ith e de a ghreim fhèin, agus dh’òl e as a chupan fhèin, agus laigh e na uchd, agus bha e dha mar nighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Daibhidh fios, agus dh’fheòraich e mu thimcheall na mnà: agus thubhairt neach, Nach i seo Bat-sèba nighean Eliam, bean Uriah an t‑Hiteach?

Aig an duine bheartach bha ro‑mhòran chaorach agus cruidh:

Agus thàinig fear-turais a dh’ionnsaigh an duine bheartaich, agus chaomhain e gabhail de a chaoraich fhèin, agus de a chrodh fhèin, a dheasachadh airson an fhir-turais a thàinig da ionnsaigh, ach ghabh e uan an duine bhochd, agus dheasaich e e don fhear a thàinig da ionnsaigh.

Na earbaibh à caraid; na cuiribh muinghinn ann am fear-iùil: on tè a laigheas ann ad uchd glèidh dorsan do bheòil.

Ma chuireas do bhràthair, mac do mhàthar, no do mhac fhèin, no do nighean, no bean-phòsda d’uchd, no do charaid, a tha dhut mar d’anam, impidh ort ann an uaigneas, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhut fhèin no dod athraichean;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan