Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Ioab teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Chog mi an aghaidh Rabah, agus ghlac mi baile nan uisgeachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cath, chuir Daibhidh uaithe Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem.

Agus chog Ioab an aghaidh Rabah chloinn Amoin, agus ghlac e am baile rìoghail.

A‑nis uime sin cruinnich a’ chuid eile den t‑sluagh, agus campaich an aghaidh a’ bhaile, agus glac e, air eagal gun glac mise am baile, agus gun toirear m’ainm fhèin air.

Sònraich slighe, a‑chum gun tigeadh an claidheamh gu Rabat nan Amonach, agus gu Iùdah ann an Ierusalem, a’ chathair dhaingnichte.

Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan-coille a fad, agus ceithir làmhan-coille a leud, a rèir làmh-choille duine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan