Agus thug Daibhidh sòlas da mhnaoi Bat-sèba, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus laigh e leatha: agus rug i mac, agus thug e Solamh mar ainm air; agus ghràdhaich an Tighearna e.
Uime sin labhair Nàtan ri Batsèba màthair Sholaimh, ag ràdh, Nach cuala tu gu bheil Adoniah mac Hagit a’ rìoghachadh, agus chan eil fhios aig ar tighearna Daibhidh air?
Agus dh’innis iad don rìgh, ag ràdh, Feuch, Nàtan am fàidh. Agus nuair a thàinig e a‑steach am fianais an rìgh, chrom e e fhèin don rìgh le a aghaidh gu làr.
Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.
Feuch, beirear mac dhut: bidh esan na dhuine foistinneach, agus bheir mise fois dha o a naimhdean uile mun cuairt; oir bidh Solamh mar ainm air, agus sìth agus suaimhneas bheir mise do Israel ra linn-san.
Leis na nithean sin nach do pheacaich Solamh rìgh Israeil? Gidheadh am measg mòran chinneach cha robh rìgh ann cosmhail ris, a bha air a ghràdhachadh le a Dhia, agus a rinn Dia na rìgh air Israel uile: ach thug mnathan coimheach airsan fhèin peacachadh.
Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris.
Mu Bheniàmin thubhairt e, Gabhaidh aon gràdhach an Tighearna còmhnaidh ann an tèarainteachd làimh ris; agus còmhdaichidh an Tighearna e rè an là uile, agus gabhaidh e còmhnaidh eadar a ghuaillean.