Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 12:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Daibhidh sòlas da mhnaoi Bat-sèba, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus laigh e leatha: agus rug i mac, agus thug e Solamh mar ainm air; agus ghràdhaich an Tighearna e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e fios le làimh an fhàidh Nàtan, agus thug e Iedidiah mar ainm air, airson an Tighearna.

Agus is iad seo an ainmean-san, a rugadh dha ann an Ierusalem: Samuah, agus Sobab, agus Nàtan, agus Solamh,

Agus nuair a choileanar do làithean, agus a chaidleas tu maille rid athraichean, togaidh mi suas do shliochd ad dhèidh, a thig a‑mach à d’innibh; agus daingnichidh mi a rìoghachd.

Ach do Nàtan am fàidh, agus do Bhenaiah, agus do na fir threuna, agus do Sholamh, a bhràthair, cha tug e cuireadh.

Uime sin labhair Nàtan ri Batsèba màthair Sholaimh, ag ràdh, Nach cuala tu gu bheil Adoniah mac Hagit a’ rìoghachadh, agus chan eil fhios aig ar tighearna Daibhidh air?

Agus thubhairt Daibhidh an rìgh ris a’ cho-chruinneachadh uile, Tha Solamh mo mhac den do rinn Dia a‑mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha an obair mòr: oir chan ann airson duine ach airson an Tighearna Dia a tha an lùchairt.

Agus rugadh iad seo dha ann an Ierusalem; Simea, agus Sobab, agus Nàtan, agus Solamh, ceathrar o Bhatsèba nighean Amieil;

Leis na nithean sin nach do pheacaich Solamh rìgh Israeil? Gidheadh am measg mòran chinneach cha robh rìgh ann cosmhail ris, a bha air a ghràdhachadh le a Dhia, agus a rinn Dia na rìgh air Israel uile: ach thug mnathan coimheach airsan fhèin peacachadh.

Oir bu mhise mac mùirneach m’athar, agus mar aon-ghin mic bha mi ann an sealladh mo mhàthar.

Agus ghin Iese Daibhidh an rìgh, agus ghin Daibhidh an rìgh Solamh on mhnaoi a bha aig Urias,

Mu Bheniàmin thubhairt e, Gabhaidh aon gràdhach an Tighearna còmhnaidh ann an tèarainteachd làimh ris; agus còmhdaichidh an Tighearna e rè an là uile, agus gabhaidh e còmhnaidh eadar a ghuaillean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan