Ach a‑nis o fhuair e bàs, carson a thraisginn? An urrainn mi a thabhairt air ais tuilleadh? Thèid mise da ionnsaigh-san, ach cha till esan am ionnsaigh-sa.
Agus dh’èirich a mhic uile agus a nigheanan uile suas, a thoirt sòlais dha; ach dhiùlt esan sòlas a ghabhail; agus thubhairt e, Oir thèid mi sìos don uaigh a‑chum mo mhic ri bròn. Mar seo rinn a athair caoidh air a shon.